Cutairean aig Sràid Point, Ullapul

Cutairean aig Sràid Point, Ullapul

Dearbh-aithne: ULMPH_2000_0707 TUAIRISGEUL: Cutairean sgadain ann am Point Street, Ullapul agus iad nan seasamh ri taobh bharaillean. Bhiodh na boireannaich seo, 'Clann-nighean an Sgadain', a' leantainn bàtaichean an sgadain mu chost Bhreatainn gach bliadhna. Bha iad ag obair ann an sgiobaidhean de thriùir, dithis a' sgoltadh is tè a' cur an sgadain ann am baraillean. Bha an sgadan air a chur ann an amaran mòra fiodha air an robh 'farlans'. Bhiodh an luchd-sgoltaidh a' glanadh an èisg le aon bhuille den sgithinn. B' urrainn don mhòr-chuid de bhoireannaich mu 40 iasg a sgoltadh gach mionaid, ach bha cuid fiù 's nas luaithe na seo. Bha an t-iasg a' dol ann am baraillean a rèir meud is bha tuathanaich a' cleachdadh nam mionaich mar thodhar. Bha am beatha is an obair duilich. Gach bliadhna bhiodh bàtaichean agus luchd-sgoltaidh à air feadh na h-Alba a' tighinn gu Ullapul. Chaidh Ullapul a dhealbhadh mar stèisean iasgach ann an 1788 le Comann Iasgach Bhreatainn. Gach sèasan bhiodh bàtaichean agus cutairean sgadain a' tighinn à air feadh na h-Alba. Thàinig crìonadh air gnìomhachas an sgadain anns na 1930s agus rinneadh a' mhòr-chuid den ghiullachd èisg air a' chosta an ear, ged a bha bàtaichean fhathast ri iasgach air a' chosta an iar S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum ÀITE: Ulapul SGÌRE: Loch Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Bhraoin CREATOR (AV): J. Valentine & Sons NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Ulapuil CRUINNEACHADH: Ullapool Museum Photographic Collection ID Maoin: 40445 KEYWORDS_GAELIC: