Dearbh-aithne:ULMPH_2007_1758TUAIRISGEUL:An t-Urr Mac a' Mhaoilein 's a bhean agus sianar den t-seachdnar chlann aca: Donnchadh, rugadh 1874; Annabella, rugadh 1876; Màiri, rugadh 1877; Iain, rugadh 1879; Niall, rugadh 1880; Ebenezer, rugadh 1882 & Raibeart Alasdair Camshron, rugadh 1883. Chan eil fhios cò 'm fear de na gillean nas òige nach eil san dealbh.
Ann an 1872 rinneadh an t-Urr Mac a' Mhaoilein na mhinistear aig an Eaglais Shaoir air Sràid na Muilne ann an Ulapul. Ann an 1900 thàinig an eaglais sin gu bhith An Eaglais Shaor Aonaichte agus roghnaich Mac a' Mhaoilein a dhol a-steach don Aonadh còmhla ri eaglais eile, an Eaglais Chlèireach Aonaichte. Lean a' chuid a bu mhotha de a choithionail e ach bha feadhainn ann 's nach leigeadh an cogais leotha sin a dhèanamh a chionn 's gu robhas a' creidsinn gu robh beachdan mì-fhallain air cuid de theagasg a' Bhiobaill aig muinntir na h-Eaglais Clèirich Aonaichte.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool MuseumNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh UlapuilCRUINNEACHADH:Ullapool Museum Photographic CollectionID Maoin:40788KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath