'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water', le Seumas Bremner, 1845 - Duilleag 44c
Dearbh-aithne:Z_QZP40_TREATISE_000660_044cTUAIRISGEUL:Chaidh am pàipear seo leis an tiotal 'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water' a sgrìobhadh le Seumas Bremner, fear-togail nan soithichean agus nan caladh agus fear-sàbhalaidh nan long-bhrisidhean o ghrunnd na mara. Rugadh e ann an 1784 ann an Stain, faisg air Cèis ann an Gallaibh.
Chaidh an 'Treatise' aig Bremner fhoillseachadh ann an 1845, agus tha iomradh ann air mar a chaidh a dhreuchd. Tha e cuideachd a' toirt seachad iomradh mionaideach teicnigeach air iomadh pròiseact a bha e air a dhèanamh chun na bliadhna sin.
Tha an ro-ràdh don 'Treatise' a' toirt fiosrachadh air a dhreuchd thràth agus mar a chaidh e an sàs ann an togail nan caladh. Ann an 1798 thòisich e na phreantas aig a' chompanaidh togail-shoithichean, Raibeart Steele & Mic ann an Grianaig. Às dèidh sin thill e a dh'Inbhir Ùige gus a chompanaidh fhèin a chur air bhonn. Thòisich e ag obair ann an togail chalachan ann an 1807 nuair a chaidh fhastadh leis a' chompanaidh a bha a' togail cala ùr ann am Pulteneytown. Cha robh eòlas sam bith aig a' chompanaidh togail air calachan agus dheilbh Bremner dhaibh soitheach a ghluaiseadh 's a chàradh clachan anns an togail. Mu dheireadh ghabh Bremner an t-uallach airson a' phròiseict airson an togail fon uisge.
Tro dhreuchd, thog no rinn Seumas Bremner mòr-chàradh air 18 calachan no laimrigean, agus san fhoillseachadh seo tha e a' toirt seachad iomradh teicnigeach air planadh agus togail nan calachan aig Cèis, Inbhir Ùige, Saircleit agus Inbhir Lòsaidh.
Dh'fhàs Bremner gu math ainmeil cuideachd ann an togail long-bhrisidhean bhon ghrunnd. Tro dhreuchd thog e 236 soitheach gu soirbheachail agus tha an 'Treatise' a' toirt làn fhiosrachadh air na dòighean anns an do rinn e sin. 'S e fear de na h-eisimpleirean a sheall e san ' Treatise' mar a thog e an 'Uncertain', soitheach a bha air a dhol fodha far Rubha Robhanais, Leòdhas, ann an 1841 ann an 11 aitheamh de dhoimhneachd. Dh'fheuch triùir eile an soitheach a thogail, ach cha deach leotha, ach 's e Bremner a rinn a' chùis agus a thug an soitheach gu tanalach far an gabhadh a càradh. Ged nach eil mion-eòlas air san 'Treatise', bha an sàr-phròiseact aige den t-seòrsa seo ann an 1846 nuair a chuir e an SS SS Great Britain air bhog a-rithist. Bha an soitheach air a dhol air a' ghrunnd ann am Bàgh Dhùn Druim ann an Èirinn, agus 's i an soitheach a bu mhotha a bh' ann aig an àm.
San 'Treatise' cuideachd tha mìneachadh agus dealbhan teicnigeach ann air àireamh de thionnsgalan no rudan ùra a chruthaich Bremner a chuidicheadh ann an togail agus an glanadh chalachan agus rudan a dheilbh e cuideachd airson dinneadh phuist dhan talamh agus airson soithichean a thogail on ghrunnd. Tha an 'Treatise' a' crìochnachadh le grunn theisteanasan air obair agus innleachd Bhremner, air an sgrìobhadh le companaidhean a chleachd obair agus le na co-einnsinearan aige. Tha iad seo a' leigeil fios inntinneach dhuinn air caractar Bhremner agus iomadh duine ga mholadh airson "intrepidity", "activity" agus "perseverance".
Chaidh Seumas Bremner a dhèanamh na Bhall Sgrìobhaidh aig Institiùd nan Innleadairean-togail ann an 1833. Bhàsaich e san Lùnastal 1856, trì mìosan an dèidh bàs a mhnà, Cairistiona Nic na Clèirich, aig an robh e pòsta fad ceathrad 's a còig bliadhna. Chaidh carragh-cuimhne do Bhremner a thogail ann an Inbhir Ùige ann an 1903 agus tha a dhealbh ann an Talla a' Bhaile an sinCREATOR (AV):James BremnerDEIT:1845LINN:1840anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)ID Maoin:40883KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath