Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (14 de 15)

Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (14 de 15)

Dearbh-aithne: AB_EXTRAVAGANSEY_18 TUAIRISGEUL: 'S ann o 'Extravagansey' a tha an earrann-fhuaim seo. 'S e subhachas dà latha a bha seo air geansaidh nan iasgairean, tachartas a chumadh san Ògmhios 2010 ann am Bun Illidh, Cataibh. Air a chur air dòigh le Pròiseact Geansaidh Linne Mhoireibh, am measg nan tachartasan bha luadh a' chlò ann, òrain agus ceòl o bheul-aithris, agus seallaidhean de shnìomh an lìn. 'S e Tormod Ceanadach gu sònraichte a chitheadh ann, fear Albannach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail airson seinn is seanchas ann an Gàidhlig 's ann an Albannach, fear a tha cuideachd na phrìomh neach-ceàirde agus na neach-eachdraidh air stuth aodaich. San earrainn seo tha Tormod a' bruidhinn air na rudan a rinn e le anart, clòimh agus clò, a choisinn duaisean. Tha e cuideachd a' bruidhinn air Vermont ann an Sasainn Nuadh far a bheil e an-diugh a' fuireach, agus air eòlas fhèin air càrdadh ann am Barraigh. Tha e cuideachd ag innse mar a dh'ionnsaich e òrain luaidh do mhuinntir Aimearagaidh agus a' beantainn do chuspairean Nam Fuadaichean Gàidhealach agus Cogadh na Saorsa (Neo-eisimeileachd) ann an Aimearaga. Rugadh Tormod Ceanadach ann an Obar Dheathain ann an teaghlach de luchd-togail nan soithichean agus de sheòladairean marsantach. Dh'ionnsaich e òrain, sgeulachdan agus seanchas o dhaoine san teaghlach agus o nàbaidhean agus thog e cuideachd, nuair a bha e na dheugaire, sgilean aig luchd nam beairt làimhe mu dheireadh a bha san sgìre. Bhiodh e a' siubhal gu tric gu Eilean Bharraigh sna h-eileanan an iar agus dh'ionnsaich e càrdadh, snìomh is fighe na clòimhe a dhèanamh, a' cleachdadh nan seann dòighean, nam measg luadh a' chlò. Thog e cuideachd seann chultar is òrain na Gàidhlig. Ghluais Tormod do na Stàitean Aonaichte ann an 1966 agus tha e air traidiseanan an t-seinn agus na fighe a chumail suas a-riamh on uair sin. Fad sia bliadhna b' e prìomh fhear na figheadaireachd aig taigh-tasgaidh eachdraidh bheò aig Colonial Williamsburg. Chuir e air chois cuideachd Sgoil Marshfield Figheadaireachd ann am Vermont ann an 1976. Ann an 2003, chaidh duais Caidreabh Dhualchas Nàiseanta on NEA (National Endowment for the Arts) a bhuileachadh air airson a chuid obrach ann an dualchasan òrain Alba agus na beairt-làimhe a chumail beò. ÀITE: Bun Ilidh SGÌRE: Cill Donnan, Loth agus Clìn SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Cill Donnain DEIT: 2010 LINN: 2010an NEACH-FIOSRACHAIDH: Moray Firth Gansey Project CRUINNEACHADH: Norman Kennedy: Handloom Weaver & Traditional Singer ID Maoin: 40903 KEYWORDS_GAELIC: