Dearbh-aithne:AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_09TUAIRISGEUL:Rugadh am bàrd Iain MacIlleathain (1787-1848) ann an Tiriodh agus rinn e eilthireachd a dhAlba Nuadh ann an 1819. Tha a' phìos bàrdachd aige, 'Am Bàrd an Canada' cuideachd air aithneachadh fon ainm 'A' Choille Ghruamach'. Tha a' bhàrdachd seo ag innse cho cruaidh 's a bha beatha nan eilthireach às a Ghàidhealtachd - cus nas cruaidhe na bha na fir-gnothaich eilthireachd a' leigeil orra. Tha na rannan taghta air an leughadh le Iain MacIlleathain.
A' Choille Ghruamach
'Gu bheil mi 'm ònrachd sa choille ghruamaich,
Mo smaointean luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair mi 'n t-àite seo 'n aghaidh nàdair -
Gun d' thrèig gach tàlanta bha nam cheann.
Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann -
Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom:
Chaill mi a' Ghàidhlig seach mar a b' àbhaist dhomh
Nuair a bha mi san dùthaich thall.
'S i seo an dùthaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a-nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann;
Mi nì iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dèan i suas iad 's chan iongnadh leam,
'S gach mallachd truaghain a bhios 'gan ruagadh
Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.
Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd,
Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
'S ge maith an triùbhsair cha dèan i feum;
Gun stocain dùbhailt' 's a' mhocais chlùdaich
'Bhios air an dùnadh gu dlùth le éill;
B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.
Ge mòr an seanchas a bh'aca an Albainn,
Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith 'san tìr.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgead,
Ged 's éiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
Ma gheibheare cùnnradh air feadh nam bùthan
Gu'm pàighear null e le flùr no ìm.'
Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.DEIT:2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Am BaileCRUINNEACHADH:Am Baile: Highlanders on the MoveID Maoin:40922KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath