Mac-Talla Nan Gleann (1)

Mac-Talla Nan Gleann (1)

Dearbh-aithne: AB_LL_COLIN_MACDONALD_01 TUAIRISGEUL: 'S ann o 'Echoes of the Glen' no 'Mac-Talla nan Gleann' le Cailean MacDhòmhnaill, foillsichte an toiseach an1936, a tha am pìos claisneachd seo. Tha e air a leughadh le nighean Chailein, Mairead NicDhòmhnaill Newton. 'Twice this autumn did I climb to the top of the Ben. She is the only thing that is changeless; even her mists are the same. On the way to the Fuaran Mòr we startled coveys of grouse. There was a water-ouzel fishing in the pool at the Falls and we saw the brown trout like dark shadows flitting in the pools of the burn; while on its banks we had a rare feast of Oighreagan (cloud-berries). The mountain was in frowning mood both days. From the Big Well to the summit there was a rolling mist that made the sheep as big as deer and hares as big as sheep. The few ptarmigan we saw, too, were magnified to the size of geese. Not one blink of distant view did the fickle jade vouchsafe. But once - just a matter of moments - there was a rift in the rolling canopy, and (like part of a film projected on a gigantic screen) we got a perfect view of the Corrie with the sun blazing down from above and a herd of deer streaking up the eastern slope.' Dh'fhàs Cailean MacDhòmhnaill suas air croit an teaghlaich air Àird Innis Mheannaidh, Srath Pheofhair, Siorrachd Rois. Dh'fhàg e an sgoil aig aois trì-deug ach an oibricheadh e a' chroit agus aig aois ochd air fhichead cheumnaich e o Cholaiste Marischal an Obar Dheathain. Às dèidh sin fhuair e àite na neach-obrach aig Colaiste Àiteachais Obar Dheathain agus Alba a Tuath agus mu dheireadh fhuair e àite na bhall le Gàidhlig aig Cùirt an Fhearainn an Alba. Ann an 1914 phòs e Mairead Stiùbhairt Young agus chuir e seachad sia bliadhna às dèidh sin ann an Inbhir Theòrsa far an d' rugadh triùir den chlainn aca - Cailean, Bill agus Mairead. Rugadh an treas mac, Lewis, an dèidh do Chailean a bhith air a chur a Dhùn Èideann gu àrd-oifis Bòrd an Àiteachais. Ach ghlèidh iad an ceangal ris a' chroit, agus chaidh a' chlann a chur gu cunbhalach gu Innis Bhanaidh airson saor-làithean an t-samhraidh. 'S ann air a' chroit a bhàsaich Cailean ann an 1957. A-rèir a nighean, Mairead, 's e duine foighidneach a bh' ann an Cailean ach dh'fhaodadh cuspairean mu bhreug-chràbhadh agus an-iochdmhorachd fearg a chur air. B' e sgeulaiche iongantach a bh' ann cuideachd agus fìor thart air airson fios. Chaidh a' chiad leabhar aige, 'Echoes of the Glen', fhoillseachadh ann an 1936, agus 's e dealbh fìrinneach agus dathach a bh' ann de bheatha làitheil air a' Ghàidhealtachd. Às dèidh sin, am measg nam foillseachaidhean aige bha 'Highland Journey' (1949), 'Croft and Ceilidh' (1947), 'Highland Memories' (1949), agus 'Crofts and Crofters' (1955). Chaidh 'Life in the Highlands and Islands of Scotland', measgadh de 'Echoes' agus 'Highland Journey', fhoillseachadh ann an 1991. DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile CRUINNEACHADH: Literary Landscapes: Colin MacDonald ID Maoin: 40970 KEYWORDS_GAELIC: