Nan dèanadh tu eilthireachd an-diugh, dè a bhiodh tu ag ionndrainn bhon dachaigh? - Tony Pollard

Nan dèanadh tu eilthireachd an-diugh, dè a bhiodh tu ag ionndrainn bhon dachaigh? - Tony Pollard

Dearbh-aithne: AB_SGI_01_TONY_POLLARD_Q_07 TUAIRISGEUL: Mar phàirt de Thilleadh Dhachaigh 2009, chaidh co-labhairt eadar-nàiseanta trì latha - Buaidh Chruinneil na h-Alba - a chumail ann an Taigh-chluiche Eden Court, Inbhir Nis, bho 22-24 Dàmhair. Thàinig sgoilearan, eachdraichean is eòlaichean eile còmhla gus deasbaireachd fhallain a bhrosnachadh mu eachdraidh imrich agus a' bhuaidh a bha aig muinntir na h-Alba thall-thairis. Rinn Am Baile agallamhan le grunn luchd-labhairt rè na co-labhairt. San earrainn chlaistinnich seo, tha an Dr Tony Pollard a' freagairt na ceiste: "Nam biodh tu a' dèanamh eilthireachd an-diugh, dè a bhiodh tu ag ionndrainn bhon dachaigh?" 'That's a very interesting question. I don't know - there's something about Scotland. What I- I miss the sea - I live in Glasgow - and I miss the sea. I spent a lot of my youth by the sea; my dad was a diver, a professional diver, and so I spent a lot of time in boats, and on the shore, and I did my PhD thesis on Mesolithic hunter-gatherers in Oban cos there's, there was a lot of activity there with shell middens and caves and things that I used to mess around with as a kid. So, I miss the sea and when we, when we finally move out of Glasgow, which is now far too noisy for me, it would be back to the sea. So, I miss that. And it's just the whole thing; it's the clearness of the air, and the smells, and the sounds.' EACHDRAIDH-BEATHA 'S e àrd-arc-eòlaiche air àr-fhaichean agus an Stiùriche aig Ionad Arc-Eòlas nam Blàr aig Oilthigh Ghlaschu a th' ann an Dtr Tony Pollard. 'S e prìomh-òraidiche a th' ann agus neach-gairm aig cùrsa MLitt air Arc-eòlas Àr-fhaichean agus Còmhstri. 'S e co-neach-taisbeanaidh a bh' ann aig an t-sreath telebhisean aig a' BhBC 'Two Men in a Trench', a thug arc-eòlas nan raointean blàir do mhòran luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail. Tha e air pròiseactan àr-fhaich a dhèanamh san RA, ann an Afraga agus an Ameireaga a Deas agus tha e air grunnan ràithean obair air thalamh Àr-fhaich Chùil Lodair a stiùireadh, obair a chuidich gu mòr san Ionad Turasachd ùr-fhosgailte an sin agus ann am mìneachadh ath-sgrùdaichte a' bhlàir. Tha Tony cuideachd air pròiseactan a dhèanamh air àr-fhaichean Seumasach aig Coill a' Chnagaidh agus aig Prestonpans agus aig làrach sèist a' Ghearasdain. Tha Tony na cho-dheasaiche den 'Journal of Conflict Archaeology' agus tha e air mòran a sgrìobhadh air arc-eòlas agus air eachdraidh airson luchd-èisteachd, an dà-chuid agadamaigeach agus mòr-shluaghach. 'S e na foillseachaidhean as ùire aige am fear ri-tighinn 'Culloden: The History and Archaeology of the Last Clan Battle' (Pen and Sword) agus a chiad nobhail, 'The Minutes of the Lazarus Club' (Penguin 2008). ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile CRUINNEACHADH: Scotland's Global Impact ID Maoin: 41009 KEYWORDS_GAELIC: