Litir Ghàidhlig mun Urr Dtr Tormod MacLeòid, 'Caraid nan Gàidheal'

Litir Ghàidhlig mun Urr Dtr Tormod MacLeòid, 'Caraid nan Gàidheal'

Dearbh-aithne: CLI_GAELIC_LETTER_107 TUAIRISGEUL: 'S ann o 'Leabhar nan Litrichean' a tha am pìos claistinneach Gàidhlig seo. 'S e goireas teagaisg do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann, foillsichte le Clì Gàidhlig, a chaidh a chraoladh an toiseach air BBC Rèidio nan Gàidheal. 'S ann mu 'n Urr Dtr Tormod MacLeoid, 'Caraid nan Gàidheal', a tha an litir seo. 'Èirich agus tiugainn O, Èirich agus tiugainn O, Èirich agus tiugainn O, Mo shoraidh slàn le Fionnairigh Tha mi an dùil gu bheil a' chuid mhòr agaibh eòlach air na faclan sin, agus air an òran às an tàinig iad. Seo a' chiad rann dheth: Tha an latha math 's an soirbheas ciùin, Tha an ùine a' ruith, 's an t-àm dhuinn dlùth, Tha am bàt' gam fheitheamh fo a siùil, Gam thoirt a-null à Fionnairigh. 'S e tiotal an òrain "Soraidh slàn le Fionnairigh" agus tha e mu dheidhinn àite ann am Morbhairne, mu choinneamh Eilean Mhuile. Ach cò sgrìobh e? Dh'fhaodainn a ràdh gun deach a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid, air an robh am frith-ainm, "Caraid nan Gàidheal", agus a bha uaireigin gu math ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig, ach cha bhiodh sin buileach ceart. Feumaidh mi mìneachadh. Bha Tormod MacLeòid beò eadar na bliadhnaichean seachd ceud deug, ochdad 's a trì (1783) agus ochd ceud deug, seasgad 's a dhà (1862). 'S e gille a' mhansa a bh' ann. Rugadh e agus thogadh e ann am Fionnairigh far an robh athair na mhinistear. Chaidh Tormod a-steach don mhinistrealachd e fhèin, agus bha e an toiseach ann am Muile, agus an uair sin ann an àiteachan eile air tìr-mòr Earra-Ghàidheal. Ghluais e don Ghalltachd às dèidh sin agus bha e greis ann an Siorrachd Shruighlea agus ann an Glaschu, far an do ghabh e ceum ollaimh ann an Diadhaireachd. Bha e na Mhoderàtor do dh'Eaglais na h-Alba ann an ochd ceud deug, trithead 's a sia (1836). Bha e math math mar shearmonaiche, gu h-àraidh ann an Gàidhlig, agus choisinn e cliù dhà fhèin ann an Èirinn, far an d' rachadh e bho àm gu àm. Bha Gàidhlig na h-Èireann aige gu fileanta, agus chruthaich e fhèin 's fear Èireannach eatarra leabhar de shailm ann an Gaeilge airson Eaglais na h-Èireann. Ach tha e air a chuimhneachadh an-diugh gu seachd àraidh airson dà rud - an obair a rinn e airson na Gàidhlig ann an Alba, agus na rinn e às leth nan daoine bochda air a' Ghàidhealtachd. 'S ann airson sin a chuireadh am frith-ainm air 'Caraid nan Gàidheal'. Tha an teacs airson òraid a thug e seachad turas ann an Lunnainn fhathast againn, agus tha e a' togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a' bualadh air an t-sluagh aig an àm. Sluagh gun obair, gun airgead is, ann an cuid de dh'àiteachan, gun bhiadh. Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh. Agus bha e na shàr-Ghàidheal. Thòisich e iris Ghàidhlig, an Teachdaire Gaelach, ann an ochd ceud deug is naoi air fhichead (1829). Bha i làn artaigilean mu dheidhinn cuspairean cho farsaing ri eachdraidh, poileataigs an latha, cruinn-eòlas, saidheans is creideamh. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do mhair an Teachdaire ach dà bhliadhna. Dh'fheuch e a-rithist le iris eile, Cuairtear nan Gleann, ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) ach mhair sin dìreach trì bliadhna. Anns an eadar-ama, ge-tà, rinn e obair air faclair agus air grunn leabhraichean eile. Agus bha e an sàs ann a bhith a' brosnachadh Eaglais na h-Alba gus barrachd a dhèanamh airson foghlam na Gàidhlig. Ach dè mu dheidhinn "Soraidh Slàn le Fionnairigh"? Carson a thuirt mi nach b' e Tormod MacLeòid fhèin a bha buileach air a sgrìobhadh? Bha mi a' ciallachadh gun do sgrìobh e ann am Beurla e, mar "Farewell to Fiunary" agus gur e Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich a dh'eadar-theangaich gu Gàidhlig e. Ach chanainn gum biodh Tormod MacLeòid toilichte gu bheil an t-òran nas ainmeile an-diugh anns a' chànan aige fhèin dhan do rinn e uiread a chionn còrr is ceud gu leth bliadhna.' DEIT: 2007 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Clì Gàidhlig CRUINNEACHADH: Leabhar nan Litrichean ID Maoin: 41119 KEYWORDS_GAELIC: