An t-Àm a dh'Fhalbh Acasan, An t-Àm ri Teachd Agadsa 2009: Pàirt 13 – A’ Ghàidhealtachd Eadar-nàiseanta

Dearbh-aithne: TPYF_2009_PART13 TUAIRISGEUL: Chaidh na h-agallamhan seo a dhèanamh le sgoilearan mar phàirt dhen phròiseact ‘An t-Àm a dh'Fhalbh Acasan, An t-Àm ri Teachd Agadsa’. Tha Iain MacLeòid, Mairead Pheutan, Donnchadh Fionnlastan agus Mòrag NicPhlèiminn a’ bruidhinn mu na daoine eadar-nàiseanta a thàinig chun na Gàidhealtachd aig àm an Dàrna Cogaidh. Tha iad a’ bruidhinn mu na h-Eadailtich air Ghàidhealtachd a chaidh a chur an grèim, agus ag innse nach robh na daoine a b’ òige sna teaghlaichean Eadailteach an-còmhnaidh gan cur fo ghlais idir. Bha grunn de mhuinntir an airm, agus uaireannan na teaghlaichean aca, a’ fuireach còmhla ri teaghlaichean san sgìre. Bha saighdearan à Nirribhidh a’ trèanadh faisg air Srath Pheofhair agus bha iadsan a’ fuireach còmhla ri muinntir an àite cuideachd. Bha prìosanaich Eadailteach is Gearmailteach air a’ Ghàidhealtachd agus thàinig mòran dhiubh a dh’obair dha na coimhearsnachdan ionadail, a chuideachadh le obair sgileil no le obair tuathanais. DEIT: 2009 LINN: 2000an CRUINNEACHADH: Their Past, Your Future 2009 ID Maoin: 41481 KEYWORDS_GAELIC: