Millicent, Bain-diuc Chataibh

Millicent, Bain-diuc Chataibh

Dearbh-aithne: CAITHHORZ_THUFM_PH037 TUAIRISGEUL: Bha Millicent Fanny Sutherland-Leveson-Gower, Ban-diùc Chataibh (20 Dàmhair 1867 - 20 Lùnastal 1955) na tè-aoigheachd is na neach-leasachaidh. Rugadh am Fìobha i, an nighean bu shine aig Raibeart St Clair-Erskine, 4mh Iarla Ros Linne agus a bhean, Blanche. Air a cho-là-bhreith aice, agus i seachd bliadhna deug a dh'aois, phòs i fear Cromartie Sutherland-Leveson-Gower, Marcas Stafford (1851 - 1913), agus cha b' fhada gus an robh i na tè-aoigheachd mhòr an Lunnainn. Ann an 1892, fhuair an duine aice an tiotal mar Dhiùc Chataibh, agus le seo na h-oighreachdan mòra air Gàidhealtachd na h-Alba, Staffordshire is Shropshire an Sasainn. Rinn e obair leasachaidh shòisealta leithid feuchainn ri ath-bheothachadh a dhèanamh air gnìomhachasan dachaigh na clòimhe air a' Ghàidhealtachd, a' cur sgoil teicneòlais an Goillspidh, agus i na ceann-suidhe de Chomann Ghnìomhachas Dachaigheil na h-Alba. Bha an dàrna duine aice, fear Percy Desmond Fitzgerald, na oifigear san arm agus mar seo chaidh an dithis ac' dhan Fhraing aig toiseach a' Chiad Chogaidh, ise le aonad-eiridinn na Croise Deirge. Chaidh a cur an grèim nuair a thug na feachdan Gearmailteach ionnsaigh air Namur, ach rinn i teicheadh. Bha i mu dheireadh a' ruith ospadal Breatannach na Croise Deirge an Calais suas gu deireadh a' chogaidh. Chuir i seachad mòran dhen chòrr dhe beatha san Fhraing far an do chaochail i an 1955. Nuair a chaochail i ann am Paris, chaidh a losgadh agus thugadh an luath aice a thoirt air ais a Chataibh don chladh phrìobhaideach an Dùn Robain S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mas e do thoil e: post-d thugainn ÀITE: neo-aithnichte DEIT: 1905 (c.) LINN: 1900an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Luchd-tadhail Costa Tuadh CRUINNEACHADH: Caithness Horizons ID Maoin: 4157 KEYWORDS_GAELIC: