Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1229_ATTUAIRISGEUL:Taigh-òsta Beinn Uais ann am baile Shrath Pheofhair. Tha an taigh na laighe ann an raon mòr de thalamh, le geataichean àlainn aig an dol-a-steach a tha a' treòrachadh an neach-tadhail suas craobh-shlighe chun an dorais a th' ann am portico. Chaidh an taigh-òsta a thogail sna deich bliadhnaichean suas ri 1887 gus rumannan a thairgse do luchd-turais uachdranach a thàinig a thadhal air an spà ainmeil. Tha ainm Raibeart Louis Stevenson ri fhaicinn san liosta aoighean aige.
Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh a lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819.
Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite Bhictorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì le bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.
Chaidh prìomh Rùm a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha Rùm Uarach a' Phumpa, ri taobh a' Phàillinn, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàilleann Spà Shrath PheofhairÀITE:Srath PheofhairSGÌRE:Inbhir PheofharainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: FothraitidhCREATOR (AV):Andrew TaylorDEIT:2008LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Am BaileID Maoin:41627KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath