Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5798_ATTUAIRISGEUL:Taigh-òsta Drochaid Neithich ann am baile beag Drochaid Neithich a tha na laighe mu 8km an iar-dheas air Baile nan Granndach. Chaidh an taigh-òsta a thogail ann an 1898 agus chaidh a leudachadh grunn tursan san 20mh linn.
Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a chur air, Drochaid Neithich, gus am biodh fios gur e àite diofraichte a bh' ann ris an Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar tha. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile aig a bheil trì boghannan agus a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford. Chaidh an drochaid sin fhosgladh ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an.
Bha gnìomhachas an fhiodh na mheadhan aig an eaconamaidh sgìreil san 18mh 's san 19mh linn agus bha àireamh de mhuilnean-sàbhaidh san sgìre. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha fireannaich o Bhuidheann Forsaireachd Chanada agus o Nèibhidh Newfoundland ag obair à campaichean ann an Coille Obar Neithich fhad 's a bha iad a' buain 's a' deasachadh chraobhan giuthais Albannach airson cuideachadh a' chogaidh.ÀITE:Drochaid NeithichSGÌRE:BàideanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn ChàrdainnCREATOR (AV):Andrew TaylorDEIT:2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Andrew TaylorID Maoin:41637KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath