Dearbh-aithne:KIGHF_11_16_FA_2TUAIRISGEUL:'S i Màiri Mhòr nan Òran, banaltram à Sgèabost san Eilean Sgitheanach, am boireannach a tha anns an dealbh seo. O aois leth-cheud bliadhna rinn i mòran òran, a' dèanamh òrain eilthireachd, molaidh agus dòchais cho math ri òrain a' gearan air an làimhseachadh a fhuair Gàidheil bho dhaoine eile.
Rugadh Màiri Dhòmhnallach ann an 1821 agus dh'fhàg i an t-Eilean ann an 1847 airson a dhol a dh' Inbhir Nis airson Ìsac Mac a' Phearsain a phòsadh. Nuair a chaochail e ann an 1871, chaidh a fàgail na h-aonar agus ceathrar chloinne fo a cùram. B' ann nuair a bha i greiseag sa phrìosan agus casaid meirle na h-aghaidh a thòisich i air bàrdachd, 's i a' gearan gu robh i neochiontach agus a' cur a feirg an cèill ann am bàrdachd.
Goirid an dèidh dhi faighinn mu sgaoil, ghluais Màiri a Ghlaschu far an tug i a-mach dreuchd banaltraim agus dh'obraich i gu 1882. Fhad 's a bha i a' fuireach an sin, bhiodh i a' frithealadh cèilidhean nan Comann Gàidhealach agus a' coinneachadh riuthasan a bha air thoiseach san tagradh airson leasachadh air fearann na Gàidhealtachd. Fhuair i cliù sna h-àitean sin air sgàth na bàrdachd agus nan òran aice. Nuair a thill i dhan Eilean Sgitheanach b' i bana-bhàrd Lìg an Fhearainn a bha a' piobrachadh nan daoine sna 1880an. Bha i a' faireachdainn gun deach ana-ceartas a dhèanamh oirre fhèin, 's bha co-fhaireachdainn aice ri na daoine aice fhèin 's iad a' fulang, agus thug seo neart sònraichte don bhàrdachd aice.
Anns na h-òrain thràth aice, chuir Màiri an cèill an taic a bha i a' toirt do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, a sheas airson Baile Inbhir Nis ann an Taghadh 1874. An dèidh sin, chaidh i còmhla ris air cuairt-iomairt airson a thaghadh dhan phàrlamaid. Aig an àm sin bha òrain nam prìomh mheadhan air naidheachdas airson luchd-labhairt na Gàidhlig, oir cha robh pàipearan-naidheachd ann ach ann am Beurla.
Ann an 1891 chaidh leabhar fhoillseachadh air an robh 'Gaelic Songs and Poems' leis a' Bh-ph Màiri Nic a' Phearsain (Màiri nighean Iain Bhàin). Bha iad air an cur ann an sgrìobhadh bho aithris Màiri. Fhuair i cuireadh a bhith na bàrd oifigeil air Comann Clann Dòmhnaill.
B' e boireannach mòr foghainteach a bha measail air co-chomann a bh' ann am Màiri. Am measg nan caraidean aice bha an t-Oll. Iain Blackie. Bhiodh breacan a rinn i dha air an-còmhnaidh, agus chaidh a chur air a' chiste aige aig àm a thiodhlacaidh. Chaidh am pàtran a pheuntantadh mar 'Breacan Blackie' a bhiodh Màiri a' reic mar rugaichean no beannagan.
An dèidh tinneas goirid, chaochail Màiri air 3 Samhain 1898 's i a' tadhal air Port Rìgh. Chaidh a tiodhlacadh ann an cladh Gàrradh a' Chaibeil, far an do thog Teàrlach Friseal Mac an Tòisich BP carragh-cuimhne dhi. Chaidh clàr mar chuimhneachan oirre a leigeil ris ann an 1966 ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach.ÀITE:N/ALINN:19lNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Dualchas na GàidhealtachdID Maoin:41650KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath