Am Pàrlor As Fheàrr, Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd, Ceann a’ Ghiùthsaich
Dearbh-aithne:KIGHF_HF_10_4_007TUAIRISGEUL:Air 4 Lùnastal 1930, dh’fhosgail Taisbeanadh na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. Bha an taisbeanadh, anns an robh còrr is 2,000 ball-taisbeanaidh is sgrìobhainn, agus a bha a’ riochdachadh iomadh taobh de eachdraidh is cultar na Gàidhealtachd, sa mhòr-chuid air a chur air dòigh le Iseabail F. Ghrannd, eachdraiche is ùghdar, a bh’ air a brosnachadh an dèidh dhi tadhal air taighean-tasgaidh sluaigh air a’ bhlàr a-muigh anns na dùthchannan Lochlannach. Nuair a dhùin an taisbeanadh, chaidh cuid de na rudan a bh’ ann a chruinneachadh agus b’ e seo toiseach-tòiseachaidh taigh-tasgaidh airson sluagh na Gàidhealtachd agus cultar na Gàidhlig.
Lean Iseabail Ghrannd oirre a’ cruinneachadh nithean làitheil, innealan agus acfhainn, is mu dheireadh stèidhich i Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann an 1935 ann an Eilean Ì. Thug i Am Fasgadh air. Ro 1939, bha an cruinneachadh air fàs ro mhòr airson an dachaigh aige air an eilean agus chaidh a ghluasad gu eaglais nach robhar a’ cleachdadh anns an Lagan, Siorrachd Inbhir Nis.
Seach gun robh àite na bu sheasmhaiche a dhìth, cheannaich an Dr Grannd làrach anns an robh trì acaire ann an Ceann a’ Ghiùthsaich agus, air 1 Ògmhios 1944, chaidh Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd fhosgladh gu h-oifigeil. Thar nam bliadhnaichean, chaidh an làrach a leasachadh, agus chaidh mic-samhail de thrì togalaichean a chur ris, nam measg taigh-tughaidh Gàidhealach.
Tràth sna 1980an, fhuair Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd, a bha a-nis le Comhairle na Gàidhealtachd, sealbh air làrach anns an robh ceithir fichead acaire ann am Baile Ùr an t-Slèibh, far an deach taigh-tasgaidh eachdraidh bheò a stèidheachadh air a’ bhlàr a-muigh. Tha modail ann de bhaile Gàidhealach bho thoiseach nan 1700an, cuide ri grunn thogalaichean eile bho às dèidh seo.
Ann an 2013, chaidh crìoch a chur air Am Fasgadh, ionad stòrais a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothach, agus thar na h-ath bhliadhna chaidh an còrr dhen chruinneachadh a ghluasad bho Cheann a’ Ghiùthsaich. Tha còrr is 10,000 nì clàraichte san ionad, cuide ri obair-lann glèidhteachais, àiteachan rannsachaidh, leabharlann, seòmraichean cruinneachaidh agus oifisean.
ÀITE:Taigh-tasgaidh Sluagh na GàidhealtachdSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's InnisNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Dualchas na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Folk Museum Photographic CollectionID Maoin:42451KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath