Leabhar-latha Sheumais Banks, Maighstir-sgoile ann an Gallaibh, 1839-1860
Dearbh-aithne:GB1741_P451TUAIRISGEUL:Chaidh an leabhar-latha seo a sgrìobhadh le James no Seumas Banks, maighstir-sgoile ann an Gallaibh eadar 1839 agus 1860.
Tha leabhar-latha Banks a' tòiseachadh ann an 1839 nuair a bha e a' fuireach ann an Dùn Èideann. Tha abairt san leabhar-latha o a làithean tràtha, ceann-latha 25mh Dàmhair 1839, nuair a tha e a' sgrìobhadh gu bheil e a' cur seachad ùine còmhla ri "another of the Normal Lads". O na facail seo tha e coltach gu robh Banks a' dèanamh treanadh mar thidsear aig sgoil den ainm 'the Normal and Sessional School of Edinburgh', air Sràid a' Mhargaidh. Sa Ghiblean 1840 ghluais e gu Inbhir Feisidh ann an Gallaibh gus an tòisicheadh e obair na mhaighstir-sgoile an sin agus san Dùbhlachd 1841, phòs e Eilidh Nic a' Mhuilleir à Pultneytown.
San Lùnastal 1843, ge ta, chaidh a chur às a dhreuchd ann an Inbhir Feisidh air sgàth, mar a chuir e fhèin e, "adhering to the Free Protesting Church of Scotland". Sa Chèitean 1843 dh'fhàg an treas pàirt de na ministearan Eaglais na h-Alba, agus cuideachd faisg air leth de na cothionalan aca, ach an cuireadh iad air bhonn Eaglais Shaor na h-Alba. 'S e tachartas mòr a bha seo, air a bheil Briseadh na h-Eaglaise, no an "Disruption" ann am Beurla, àm chudthromach ann an eachdraidh na h- Alba ùir. Tha leabhar-latha Banks a' toirt dhuinn beagan lèirsinn inntinneach air a' bhuaidh a dh'fhàg am Briseadh seo air beathannan dhaoine chumanta.
Ro àm Briseadh na h-Eaglaise ann an 1843, bha tòrr smachd aig Eaglais na h-Alba air sgoiltean Alba. Bha Seumas Banks air a threanadh a dhèanamh aig an Sgoil 'Normal agus Sessional' ann an Dùn Èideann, àite a bha air a ruith leis an 'General Assembly', b' e sin Àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba, agus ann an Inbhir Feisidh bha e air a bhith a' teagasg aig sgoil a bha na "General Assembly school". Mar sin, nuair a cheangail e e fhèin ris an eaglais ùir, Eaglais Shaor na h-Alba, mar thorradh air sin chaill e obair, a thuarastal agus an taigh-sgoile far an robh e fhèin 's a theaghlach a' fuireach. San leabhar-latha an 23mh Màirt 1844 sgrìobh e, "Ever since my ejection I have lived at my father's house teaching for the last few weeks a few children who came in. My prospects of attaining another situation have been frequently blasted and the future is still very dark and sometimes I feel somewhat discouraged. But blessed be the name, I do not repent".
An dèidh greis dìomhain gun obair fhuair Banks cuireadh san Dàmhair 1845 a dhol a theagasg aig Sgoil na h-Eaglais Saoir ann an Ham, Gallaibh. Thog Eaglais Shaor na h-Alba ceudan de sgoiltean an dèidh a steidheachadh ann an 1843 agus b' e sgoil Ham tè dhiubh sin. Gu dearbh, ann an 1847 bha an Eaglais Shaor a' cumail a-mach gu robh barrachd air 44,000 sgoilearan gan teagasg sna sgoiltean ùra aca air feadh Alba.
Tha e coltach nach robh Banks ro thoilichte ann an Ham. San Dàmhair 1847 dh'innis e mar a chaidh a chur às a leth gun do rinn e ionnsaigh air gille san sgoil aige. Bha màthair a' ghille ag ràdh gu robh a mac "cut and his trousers torn" an dèidh do Bhanks dèideag a thoirt bhuaithe sa chlas. Sgrìobh Banks, "every influence has been used to stir the Minister, the people and even the very children against me". Chuir e a-steach iarrtas gun gabhadh a ghluasad gu sgoil ùr ach dh'fheumadh e fuireach ris an Lùnastal 1849 mus d' fhuair e a ghluasad gu Baile Dhubhthaich ann an Gallaibh.
Ach lean a dhroch fhortan ri Banks ann am Baile Dhubhthaich. Cha robh an sgoil ùr agus an taigh-sgoile ach letheach air an togail nuair a ràinig Banks 's an teaghlach, agus sgrìobh e nach robh aca an toiseach ach "only an old barn for both school and dwelling house". An dèidh dhaibh gluasad a-steach don taigh ùr aca, bhàsaich dithis den chloinn aig Seumas is Eilidh. Sgrìobh Banks na leabhar-latha gun tuirt dotair na sgìre gur e an taigh a bhith "cold and damp" a dh'adhbhraich bàs na cloinne.
San t-Samhainn 1850, fhuair Banks cuireadh do sgoil ùr agus ghluais an teaghlach a-rithist gu Cèis, far an do rinn Banks teagasg gus an do leig e dheth a dhreuchd san t-Samhainn 1873. Ghluais e an uair sin leis an teaghlach a Dhùn Èidinn.SIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBHCREATOR (AV):James BanksDEIT:1860LINN:1840an; 1850an; 1860anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn GhallaibhID Maoin:45611KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath