Dearbh-aithne:PC_COLQUHOUN_005TUAIRISGEUL:'S ann o 1711 a tha an taigh-tughaidh seo a th' air Sràid na h-Eaglais. Chaidh a thogail le Iain Feddes, fear a bha na fhear-dàna agus a bha na shin-seanair do Mhac a' Mhuilleir.
'S e maighstir soithich a bh'ann an athair Ùisdein Mhic a' Mhuilleir agus chaidh e às an rathad aig muir ann an 1807. Chaidh am balach a thogail le a mhàthair agus le bràithrean a phàrantan. Bha Ùisdean toinisgeil agus math air leughadh, ach caran fada na cheann fhèin agus b' fheàrr leis a bhith a' coiseachd gu socair air an tràigh far an do ghabh e ùidh an toiseach ann an creag-eòlas. An dèidh connspaid leis a' mhaighstir-sgoile, dh'fhàg e an sgoil agus chaidh e a dh' obair na chlachair ann an Dun Èideann, ach rinn an stùr cron air a sgamhain. Thill e a Chromba gu bhith na chlachair chlachan-uaghach agus thòisich e air artaigilean a sgrìobhadh dhan Inverness Courier agus pàipearan eile.
Ann an 1830 lorg mac a' Mhuilleir fosail èisg san t-seann chlach-ghainmhich ann an Cromba agus ghluais ùidh ann an creag-eòlas gu bhith na sgrùdadh cudromach.
Ann an 1834 thòisich e ag obair sa Bhanca Mhalairteach ann an Cromba na fhear-cunntais agus phòs e Lydia Falconer Fhriseal. Bha còignear chloinne aca. Bhàsaich a' chiad tè, Ealasaid, na pàiste. 'S e an sgrìobhadair Harriet Miller Davidson a bha san nighean a bu shine aca.
Fo bhuaidh a mhàthar, bha Mac a' Mhuilleir a-riamh fìor dhèidheil air eachdraidh is dualchas sgìreil agus chaidh a chiad leabhar, "Scenes and Legends of the North of Scotland" a chlo-bhualadh ann an 1839.
Bha ùidh aig Mac a' Mhuilleir ann an gnothaichean na h-Eaglais agus bha e den bheachd gun robh còir aig Eaglais na h-Alba a bhith comasach air na ministearan aice fhèin a thaghadh gun ghnothach aig na h-uachdarain ris a' chùis. Thug am beachd seo Ùisdean gu aire nan soisgeulaichean a b' ainmeile agus chaidh iarraidh air pàipear ùr soisgeulach dhen ainm 'An Fhianais' a dheasachadh. Ghluais e le theaghlach a Dhùn Èideann gus an dreuchd seo a leantainn agus às dèidh sin bha e na fhear-seilbh air a' phàipear. Bha Mac a' Mhuilleir na fhear-aghaidh air Briseadh na h-Eaglaise nuair a dh'fhàg na soisgeulaich Eaglais na h-Alba gus an Eaglais Shaor a chur air bhonn.
Chùm Mac a' Mhuilleir air, a' sgrìobhadh is a' clo-bhualadh leabhraichean air saidheans nàdair agus creag-eòlas, gu sònraichte "The Old Red Sandstone" a bharrachd air fèin-eachdraidh "My Schools and Schoolmasters".
Bha smuaintean ùra air mean-fhas a' cur dragh air Mac a' Mhuilleir ach dh'fheuch e ri còrdadh a lorg eadar saidheans is creideamh. Bhiodh e ag obair cus agus cha robh e gu leòr am measg dhaoine eile. Thog an tinneas sgamhain ceann a-rithist agus bhiodh e a' fulang le lionn-dubh tric, 's dòcha mar thoradh air trioblaidean eanchainne. Mu dheireadh san oidhche am 23mh / 24mh Dùbhlachd 1856, sa bheachd gu robh e a' dol às a chiall, mharbh e e fhèin le gunna. Chaidh a thìodhlacadh aig Cladh a' Ghrange an Dun Èideann.
Dh'fhosgail an taigh-tughaidh na thaigh-tasgaidh ann an 1890, fo chùram Comhairle Baile Chrombaigh. Tha e a-nis fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha iomadh rud a bh' aig Ùisdean Mac a' Mhuilleir fhèin fhathast ann. Tha gàrradh fiadhaich Albannach air cùl an taighe.
Cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba Taigh nam Muillearan an 1995 agus dh'fhosgail e na thaigh-tasgaidh ann an 2004.ÀITE:CrombaSIORRACHD/PARRAIST:ROS: CrombaidhCREATOR (AV):UnknownLINN:1980anNEACH-FIOSRACHAIDH:Inverness LibraryID Maoin:46316KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath