Loch Sgioport, 1898

Loch Sgioport, 1898

Dearbh-aithne: PC_HIGHLANDLIVESTOCK_202 TUAIRISGEUL: Sealladh trang aig an acarsaid ann an Loch Sgioport, Uibhist a Deas, ann an 1898 le baraillean de sgadan saillte a’ feitheamh rin toirt air falbh. Chaidh an cidhe aig Loch Sgioport a thogail ann an 1879, ach ro 1900 bha Loch Baghasdail air àite a ghabhail mar phrìomh acarsaid an eilein. ’S mathaid gun deach an dealbh a thogail air bòrd bàta-smùide an Dunara Castle a bhiodh a’ seòladh gach seachdain à Glaschu gu Innse Gall. Chaidh an dealbh a thogail le Gilleasbaig Alasdair “Eàirdsidh” Siosalach (1859-1933), Neach Casaid a’ Chrùin ann an Loch nam Madadh. Dh’fhoillsich e cruinneachadh de na cairtean-puist aige ann an 1904. ÀITE: Loch Sgioport SGÌRE: Uibhist a Deas SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS CREATOR (AV): Archibald Alexander Chisholm DEIT: 1898 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Livestock Heritage Society CRUINNEACHADH: Highland Livestock Heritage Society photographs ID Maoin: 46489 KEYWORDS_GAELIC: