Clàr-ola an Ninian Central ga thogail ann an Ciseorn

Clàr-ola an Ninian Central ga thogail ann an Ciseorn

Dearbh-aithne: PC_HAMILTON_006 TUAIRISGEUL: Chaidh Gàrradh Chiseoirn a leasachadh airson a bhith na lann saothrachaidh far an deigheadh clàir-ola a thogail agus bha e a’ dol bho 1975 gu 1987. Ann an 1975, thòisich obair air taobh tuath Loch Chiseoirn gus doca-tioram a thogail anns am biodh 150 meatair de thrast-thomhas, agus a ghabhadh a’ chiad phàirt de Chlàr-ola an Ninian Central. Ann an 1977, bha còrr is 3,000 duine ag obair sa ghàrradh-ola. Chaidh dà sheann soitheach, an Rangatira agus an Odysseus, a b’ àbhaist a bhith a’ dèanamh chuairtean-mara, a cheannach airson àitichean-còmhnaidh agus bha iad air acair san loch. Dh’fheumadh gach duine is uidheam a bhith air an giùlan ann thar na mara no air itealan. Nuair a bha e deiseil, chaidh an clàr-ola a shlaodadh le seachd tugaichean gu far an deach a shuidheachadh sa Chuan a Tuath. Bha 600,000 tunna a chuideam ann agus, aig an àm, b’ e an rud a bu mhotha a ghabhadh gluasad a chaidh a thogail le mac an duine. Chaidh an clàr-ola a dhealbh is a thogail le Howard Doris Earranta. ÀITE: Ciseorn SGÌRE: Loch Carrann SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Carrann CREATOR (AV): Chris Hamilton DEIT: 6 Màrt 1976 LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: T. Hamilton CRUINNEACHADH: Ninian Oil Platform ID Maoin: 46766 KEYWORDS_GAELIC: