Dearbh-aithne:PC_MISCELLANEOUS_001TUAIRISGEUL:A’ coimhead gu deas thairis air Inbhir Nis le drochaid na rèile agus Drochaid Waterloo (no an Drochaid Dhubh) ri aghaidh na deilbh, agus Drochaid Sràid Greig is Drochaid Nis nas fhaide shuas air an abhainn. B’ e an “destructor” a bh’ air an fhactaraidh leis an t-similear às a bheil a cheò a’ tighinn. Bha e a’ losgadh sgudal a’ bhaile airson dealan a chruthachadh agus, cuide ri ionad dealain-uisge a bh' aig a’ Bhucht, bha e comasach air dealan a bhaile uile gu lèir a dhèanamh ro dheireadh nan 1920an. B’ e an t-amar-snàimh a bh’ anns an togalach a th’ air làimh chlì na factaraidh, a dh’fhosgail ann an 1936, a chaidh a thogail às ùr sna 1980an, agus a chaidh a dhùnadh is a leagail nuair a dh’fhosgail an aquadome aig a’ Bhucht anns na 1990an. Tha an t-àilean-bhall, a th’ ann fhathast (2022), air beulaibh na factaraidh. B’ e taigh-bathar Pickfords a th’ anns an togalach a chithear air cùlaibh na factaraidh.ÀITE:Inbhir NisLINN:1930anID Maoin:46773KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath