Taigh-òsta a’ Phalace, Baile nan Granndach

Taigh-òsta a’ Phalace, Baile nan Granndach

Dearbh-aithne: PAN1_6 TUAIRISGEUL: Air a shuidheachadh air taobh ear-dheas na h-Àrd-Shràide, chaidh Taigh-òsta a’ Phalace a thogail aig deireadh an 19mh linn nuair a ràinig an rathad-iarann Baile nan Granndach ann an 1863, agus a bhrosnaich e luchd-turais Bhictòrianach a thighinn dhan àite. Bha 70 seòmar-cadail ann, le uisge teth is fuar, agus gàrradh mòr eireachdail aig a’ chùl. An-diugh (2022), chan e taigh-òsta a th’ anns an togalach tuilleadh, ach tha e a’ coimhead an ìre mhath mar a bha e, ged a chaidh an taigh-sgàile a tha ris an aghaidh a thoirt air falbh. Tha Taigh-seinnse a’ Chlaidheimh Mhòir ann an ceann a tuath an togalaich agus tha bùithtean fhathast anns an togalach a tha ri thaobh. ÀITE: Baile nan Granndach CREATOR (AV): J Nairn LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG) CRUINNEACHADH: Jimmy Nairn & Son ID Maoin: 48344 KEYWORDS_GAELIC: