Taigh-tughaidh, Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

Taigh-tughaidh, Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

Dearbh-aithne: KIGHF_HFM_MURRON_002 TUAIRISGEUL: “Tha an taigh-tughaidh a’ toirt sealladh air a’ bheatha chruaidh a bh’ aig Gàidheal. Bha fios agam gun robh mi a’ togail dealbh de rud a th’ anns an DNA agam. ’S e rud prìseil a th’ ann, a bhith a’ tighinn a-steach dhan togalach seo; chan eil gu leòr dhiubh air fhàgail.” Murron Ferguson, neach-togail dhealbh, 2021. Tha an taigh-tughaidh aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd stèidhichte air an stoidhle thraidiseanta de thaigh a bha ri lorg air costa an iar-thuath na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar. Bhathar a’ fuireach ann an taighean-tughaidh mar seo fad cheudan bliadhna, agus an-dràsta ’s a-rithist eadhon suas chun nan 1960an. Tha tighead nam ballachan cloiche ga dhìon bhon aimsir, agus tha am mullach air a thugadh le muran. Tha na steapaichean cloiche air taobh a-muigh a’ bhalla ga dhèanamh furasta faighinn suas gu mullach an taighe airson obair-gleidhidh a dhèanamh air, oir dh’fheumar tughadh ùr a chur air gu cunbhalach. Tha a' bhàthach am broinn an taighe chun na làimhe clì, far am biodh an crodh air an cumail fad mìosan a’ gheamhraidh. B’ e cridhe na dachaighe a bh’ anns an t-seòmar meadhain, far am biodh daoine a’ cosg a’ chuid a bu mhotha dhen ùine nuair a bha iad am broinn an taighe, agus an seo bha teine am meadhan an làir airson còcaireachd, sèithrichean is sèisidhean airson cruinneachadh còmhla, agus leapannan-dùinte airson cadal. Mar a bu trice, bhiodh an seòmar math a bh’ anns a’ cheann shìos air a chleachdadh mar sheòmar airson aoighean no bha e na sheòmar-cadail. Tha an t-ath-chruthachadh seo de thaigh-tughaidh bho Eilean Leòdhais ann an Innse Gall am measg trì taighean-tughaidh a chaidh a thogail sna 1940an do dh’Iseabail F. Ghrannd, an neach a stèidhich Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd, nuair a bha an taigh-tasgaidh ann an Ceann a’ Ghiùthsaich. Ann an 2013, chaidh an togalach a thoirt às a chèile, clach às dèidh cloich, agus a ghluasad chun na làraich ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Thog Murron NicFhearghais às Inbhir Nis dealbh an taighe-thughaidh airson a’ phròiseact Folk and Fabric a bha a’ dol fad 2021. Anns a’ phròiseact seo – a chaidh a mhaoineachadh le Maoin-airgid Cruinneachadh Esmée Fairbairn – tha Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd air dòighean ùra a chruthachadh airson feadhainn de na togalaichean agus an cruinneachadh a cho-roinn air an eadar-lìon. Rinn an taigh-tasgaidh ceangal le buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth tron phròiseact, airson cothrom a thoirt do dhaoine sealladh fhaighinn air na togalaichean is air a’ chruinneachadh. Tha Murron na neach-togail dhealbh is na filmeadair òg is tàlantach air a bheil òtasam, agus chleachd i film traidiseanta dubh is geal airson nan còig àiteachan fa leth a ghlacadh agus a thoirt gu aire dhaoine air-loidhne. Tadhal air làrach-lìn Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd airson sealladh fhaighinn air na còig togalaichean eachdraidheil agus barrachd fhaighinn a-mach mu na rudan is na sgeulachdan a tha nam broinn ÀITE: Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd SGÌRE: Bàideanach CREATOR (AV): Murron Ferguson DEIT: An t-Iuchar 2021 LINN: 2020an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Murron Ferguson ID Maoin: 48417 KEYWORDS_GAELIC: