Super Caley Go Ballistic, Celtic Are Atrocious

Super Caley Go Ballistic, Celtic Are Atrocious

Dearbh-aithne: PC_INVFOOT_MISC_005 TUAIRISGEUL: Super Caley Go Ballistic, Celtic Are Atrocious An e seo an sreath-cinn a b’ fhèarr a bha riamh ann an eachdraidh Ball-coise na h-Alba? Air feasgar Dimàirt, an 8 Ghearran 2000, smaoinich Paul Hickson, am prìomh fo-dheasaiche airson spòrs aig an Sun, air an t-sreath-chinn ainmeil seo air a bheil daoine fhathast a’ bruidhinn. Bha Caledonian Thistle Inbhir Nis, a bha san Dàrna Roinn den SFL is dìreach sia bliadhna a-mach à Lìog na Gàidhealtachd, air a’ chùis a dhèanamh air Celtic 3-1 aig Parkhead ann an gèam treas-cuairte de Chupa na h-Alba agus iad ag adhbharachadh troimh-a-chèile cho mòr 's a bha riamh ann an eachdraidh a’ Chupa. B’ e seo an call a bu mhotha a bh’ aig Celtic, le cinnt, agus a’ bhuannachd nach dìochuimhnichear a-chaoidh ann an Inbhir Nis. Ann an artaigil air-loidhne bhon Guardian, dìreach làithean às dèidh a’ ghèam, dh’inns Paul mar a smaoinich e air an t-sreath-chinn greis ron fhìdeig mu dheireadh, nuair a bha e aithnichte gun robh rudeigin cudromach a’ tachairt. “Celtic a’ call an aghaidh sgioba mu nach cuala duine riamh – no nach b’ urrainn do dhuine a litreachadh – b’ e sin an naidheachd,” thuirt e a-rithist. Bha Steve Wolstoncroft, an deasaiche spòrs aige, air iomradh a thoirt air sreath-cinn a chaidh a chleachdadh anns na 1960an nuair a rinn Iain Callaghan, an t-adhartaiche aig Liverpool, a’ chùis air trì tadhail fhaighinn an aghaidh QPR: “Super Cally Scores a Hat Trick, QPR Atrocious”. A rèir choltais, cha robh Paul air cluinntinn mu dheidhinn, ach thàinig e air ais le “Super Caley Go Ballistic, Celtic Are Atrocious”. An-ath-latha, bha an rìoghachd air fad a' bruidhinn mun t-sreath-chinn agus thàinig an sgeulachd gu bith. Tha an sreath-cinn fhathast air a thaisbeanadh gu follaiseach aig Stèideam Chaledonian agus chaidh “Caley go Ballistic” a chleachdadh air lèintean-t cuimhneachaidh, agus mar thiotal air leabhar a sgrìobh Iain Blackfoot nach maireann, nuair a bha e a’ cuimhneachadh air a’ chiad deich bliadhna aig an sgioba. Fo stiùireadh Steve “Pele” Paterson, chur Caledonian Thistle Inbhir Nis mòr-iongnadh air Celtic air oidhche shneachdail air taobh sear Ghlaschu, agus air beulaibh sluagh de 34,389. Chuir an t-iomallaiche Barry Wilson ICT air thoiseach às dèidh 16 mionaidean mus do ruig Mark Burchill an aon àireamh mionaid às a dhèidh. Anns a’ 24mh mionaid, chuir Bobby Mann, sgiobair ICT, Inbhir Nis air thoiseach a-rithist le breab buill a bhuail ann an Lubo Moravcik aig Celtic. Rinn Paul Sherinn a’ chùis air breab-peanais anns an t-57mh mionaid a dhearbh am buannachadh eachdraidheil seo, agus a thòisich subhachas luchd-leantainn ICT, a bh’ air siubhal ann. Mar thoradh air na thachair, chaidh John Barnes, a bha sa chiad sheusan aige na mhanaidsear, a chur às an obair, cuide ri Eric Black agus Terry McDermott, an luchd-cuideachaidh aige. Aig an àm, bha Celtic deich puingean air dheireadh air Rangers anns an lìog. Ghabh Stiùiriche a’ Bhuill-coise, Kenny Dalglish, gnothaichean os làimh gus an do thòisich Martin O’ Neill, am manaidsear ùr. B’ e Obar Dheathain a fhuair Caledonian Thistle Inbhir Nis anns an ath chuairt agus, an dèidh gèam 1-1 aig Stèideam Chaledonian, chaill iad an ath-chluiche 1-0 aig Pittodrie. B’ e a’ bhuannachd an aghaidh Celtic aon de na h-euchdan a bu mhotha a bha riamh aig a’ chluba agus tha an sreath-cinn fhathast na chuimhneachan prìseil dhaibh. ÀITE: Glaschu DEIT: 8 Gearran 2000 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: The Sun CRUINNEACHADH: Inverness Football Memories - stories ID Maoin: 49730 KEYWORDS_GAELIC: