Eideard, Prionnsa na Cuimrigh, còmhla ri Probhaist Alasdair MacEòghainn

Eideard, Prionnsa na Cuimrigh, còmhla ri Probhaist Alasdair MacEòghainn

Dearbh-aithne: GB232_D375_P015 TUAIRISGEUL: Tha Prionnsa na Cuimrigh fhèin a' coimhead beagan amharasach còmhla ri Probhaist Alasdair MacEòghainn an seo air steapaichean Taigh a' Bhaile. B' e am Probhaist MacEòghainn fear den fheadhainn a stèidhich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba is b' e a' chiad ceannard a bh' air. Thadhail Eideard, Prionnsa na Cuimrigh air Inbhir Nis air 26 Ògmhios 1931. Dh'iarr am Probhaist Alasdair MacEòghainn air òraid a dhèanamh aig coinneamh bhliadhnail Legion Bhreatainn (Alba) agus Saorsa Inbhir Nis a ghabhail. Chaidh e gu bùth-obrach far an robh seann shaighdearan ciorramach ag obair agus gu fosgladh oifigeil dà roinn ùr san Ospadal Rìoghail a Tuath ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 26 Ògmhios 1931 LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: MacEwen Photographic Archive ID Maoin: 8105 KEYWORDS_GAELIC: