Uaimh nan Ceàrd, Inbhir Ùige

Uaimh nan Ceàrd, Inbhir Ùige

Dearbh-aithne: CAITHHORZ_CAIMS_PHO333 TUAIRISGEUL: Bha luchd-siubhail a' fuireach ann an uamhan gu math tric suas chun an 19mh linn. Bha cuid a dh'uamhan ann am Breatainn air an cleachdadh mar seo san 20mh linn. Ann an 1915 bha seo toirmisgte fo Achd Dìon na Dùthcha, 's dòcha air sgàth 's gun togadh teine aire bàta-tumaidh an nàmhaid. Ach, cha robh seo uile gu lèir soirbheachail, oir bha daoine a' fuireach ann an uamhan anns an ath chunntas-sluaigh. Bha feadhainn a' fuireach ann an Uaimh nan Ceàid, faisg air Inbhir Ùige, anns an 19mh linn. Ann an 1866 lorg an Dotair Artair Mitchell 24 duine a' fuireach san uaimh. Bhiodh iomadh teaghlach ann an uaimh cho mòr ris an uaimh seo, is bhiodh cagailt aig gach teaghlach. Tha seo a' togail an t-samhlachais gun robh fuireach ann an uaimh coltach ri bhith a' fuireach ann an teanamant. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mas e do thoil e: post-d thugainn ÀITE: Inbhir Ùige SGÌRE: Gallaibh an Ear SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Ùige NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Luchd-tadhail Costa Tuadh CRUINNEACHADH: Caithness Horizons ID Maoin: 849 KEYWORDS_GAELIC: