Mar dèidhinn
Chaidh Am Baile a stèidheachadh ann an 2000 le co-bhanntachd air a stiùireadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus a bha cuideachd a’ gabhail a-steach Urras Taigh Chearsabhagh agus West Highland Animation. Còmhla, chuir sinn romhainn tasglann didseatach de eachdraidh is cultar Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a chruthachadh, le stuthan a bha roimhe sin air a bhith doirbh an ruigsinn. Bhon uair sin tha Am Baile air na deichean de mhìltean de nithean bho thasglannan, leabharlannan, taighean-tasgaidh is cruinneachaidhean prìobhaideach a chur ann an cruth didseatach is cothrom a thoirt do dhaoine am faicinn.
Chaidh am pròiseact a sponsaireachd an toiseach le Maoin airson Chothroman Ùra agus às dèidh sin le Comhairle na Gàidhealtachd. Bhon Dàmhair 2011, tha Am Baile air a bhith maoinichte le High Life na Gàidhealtachd agus tha e air a stiùireadh mar phàirt de Seirbheis Tasglainn na Gàidhealtachd.
Chaidh an làrach-lìn thùsail a chur air bhog sa Chèitean 2003 agus choisinn i grunn dhuaisean an dà chuid airson farsaingeachd na susbaint a bhathar a’ tabhann agus airson nan dòighean innleachdach san robhar ga lìbhrigeadh. Bha an làrach-lìn sin soirbheachail dhuinn ach feumaidh sinn ceum a chumail ri leasachaidhean agus ri dùilean an luchd-cleachdaidh. Mar sin, tràth ann an 2014 chaidh sinn an lùib cùmhnant le Capture Ltd gus stòr-dàta agus làrach-lìn ùr a chruthachadh. Tha sinn an dòchas gu bheil iad a’ còrdadh ribh.
Goireas cànain Gàidhlig
Tha e riamh air a bhith na phrìomh amas aig Am Baile cultar agus dualchas Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a thaisbeanadh sa Ghàidhlig, agus goireas a thoirt seachad airson luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Faodar an làrach seo a chleachdadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla agus faodar leum bho chànan gu cànan aig àm sam bith.